Tadhal cover art

Tadhal

Tadhal

By: BBC Radio nan Gàidheal
Listen for free

A h-uile dùil, dòchas agus fealla-dhà - thig còmhla ri Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy ‘son sùil spòrsail air Cupa na Cruinne 2026.

(C) BBC 2026
Episodes
  • 7. Bye Bye Clarke
    Jul 1 2026

    Ochd bliadhna fichead a' feitheamh is tha e seachad dhuinne taobh a-staigh cola-deug. Le Alba a-mach à Cupa na Cruinne aig ìre nam buidhnean agus Steve Clarke air a dhreuchd mar mhanaidsear fhàgail, dè a-nise do dh'Alba? Tha Alasdair Caimbeul agus Darren Laing a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air a' ghnothach.

    Show More Show Less
    43 mins
  • 6. Air an t-Sitig
    Jun 26 2026

    Le Alba a' call an aghaidh Bhrasil, an tèid againn air fuireach aig Cupa na Cruinne? Tha Innes Scullion agus Artair Donald a’ tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy gus meòrachadh air sin agus iad le chèile a' toirt sùil spòrsail air mar a tha a' dol dhuinn san fharpais.

    Tha Artair dìreach air tilleadh à Boston. Cluinnidh sinn cuideachd bho Seona McClintock ann am Miami. Tha ticead aice dhan ath ghèam aig Alba, mas e agus gum faigh sinn troimhe.

    Show More Show Less
    51 mins
  • 5. Dòchas
    Jun 22 2026

    Le aon ghèam anns na buidhnean air fhàgail, tha Calum MacIllinnein agus Catherine Tinney a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026. Às dèidh gèam Mhorogo, bheil iad a' faireachdainn dòchasach an aghaidh Brasil?

    Show More Show Less
    45 mins
adbl_web_anon_alc_button_suppression_t1
No reviews yet